Angus Peter Campbell: RememberedImagined #1

Workshoppng Day 1

Latha tlachdmhor ag obrachadh air ‘Clachan Beò’, am pios ciuìl a tha mi fhìn agus Amble Skuse air cruthachadh airson a’ phròiseact. Tha e stèidhichte air sgeulachd iongantach a dh’inns Dòmhnall Iain Stiùbhart à Staoileagearraidh, agus a chaidh a chlàradh le Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach o Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1977.

Tha an stòridh mu thriùir bhràithrean agus piuthar ann an bochdainn a tha cur romhpa eaglais a thogail agus a reic airson a bhith beò.

‘S e dùbhlan daonnan a th’ ann ciamar a chothromaicheas tu briathran ri ceòl agus chuir sinn seachad ùine ag obair an sin, le na sàr-chluicheadairean o MacFall’s Chamber agus an seinneadair Maebh NicFhionghuin. Tha sinn air an rathad a-nise, ach fhathast a’ coimhead air adhart ri clachan a thogail eadar seo agus àm nan consairtean sa Mhàirt.

Workshopping Day 2

An-diugh bha sinn ag obrachadh air a’ phìos iongantach a chruthaich Ailie Robasdan agus Rebecca Sharp, stèidhichte air a’ chuspair ‘Dìlseachd’. Tha geallaidhean air an toirt seachad, ach dè th’ ann an gealladh ( ‘s nach annasach gu bheil e ruitheamachadh le ‘mealladh’), agus dè na snàithlein a tha e comasach do neach sam bith a choilionadh. Tha am pìos drùiteach, dùbhlanach agus cruthachail, agus nach àraid a bhith ag obrachadh còmhla le daoine a tha deònach an t-slighe àrd a ghabhail seach an t-slighe bheag chrìon thioram thlàth, mar chuir Somhairle e.

Previous Next

25/01/14

A fiennes.org site

Mr McFall’s Chamber is a registered charity: SC028348

Design by fogbank.co.uk